Coinneach Odhar, Am Fiosaiche. D. B. Blair


Coinneach Odhar, Am Fiosaiche - D. B. Blair


Скачать книгу
Coinneach Odhar, Am Fiosaiche

      ROIMH-RADH

      Cha 'n eil ach duin' ainneamh am measg nan Gàidheal nach cuala bheag no mhór mu Choinneach Odhar, ach tha ùine cho fada o'n bha e ann – mu dha cheud gu leth bliadhna – 's gu bheil eachdraidh a bheatha agus na fiosachdan a rinn e a dol ann an tomhas mor á cuimhne. Chuir an sàr Ghàidheal, Alasdair Mac Coinnich, a mach leabhar beag Beurla mu thimchioll an fhiosaiche ainmeil so anns a bhliadhna 1877, – leabhar a fhuair deagh ainm aig an àm, agus a bha air a chur an clò uair no dha an deigh sin. Tha an eachdraidh ghorid a th' anns an leabhran so o pheann an Urr. D. B. Blair, D.D., nach maireann, aon de na sgoilearan Gàilig a b' fhearr a bha riamh anns an dùthaich so. Bha i air a clo-bhualadh anns a MHAC-TALLA 'sa bhliadhna 1893, 'nuair a bha 'm paipear sin air ùr-thòiseachadh. Thatar ga 'cur a mach anns a chruth so an dràsda an dòchas gu 'n taitinn i ris na Gàidheil aig am bheil gràdh do chainnt agus do eachdraidh an sinnsear; agus ma nochdas iad an tlachd de 'n oidheirp le bhi ceannach an leabhrain, gabhar misneach gu leabhraichean Gàilig eile a chur a mach o àm gu àm.

      Coinneach Odhar, Am Fiosaiche. – Anns an àm a chaidh seachad b' àbhaist do na Gàidheil agus do mhuinntir eile a bhi creidsinn gu mor ann an "Taibhsearachd," no an "Da shealladh," mar a theireadh iad. Bho cheann tri fichead bliadhna agus a deich, nuair a bha an sgriobhadair so 'na ghiullan beag, ann am Mùideart, ann an Gleann-Alladail, a' fuireach anns an taigh far an do chaidil Prionnsa Tearlach, nuair a bha e air a thurus gu Gleann-Fhionghain, far an do chuir e suas a' bhratach ri crann anns a' bhliadhna 1745, is iomad sgiala agus beulradh a chual' e mu dheibhinn taibhsearachd; oir, bha taibhsearan ann am Mùid-eart glé lionmhor aig an àm sin. Ann an Lochabar, an deidh dha Mùideart fhàgail, bu tric a chual e iomradh air Coinneach Odhar, am Fiosaiche, – Taibhsear ainmeil a bha bho shean ann an taobh tuath na h-Alba. Theagamh nach cuala moran de na Gàidheil a rugadh anns an dùthaich so mu thimchioll; agus air son fiosrachaidh dhaibhsan, faodar beagan aithris an so, a réir a' chùnntais a chuir Mr. Alastair Mac Coinnich a mach mu dheibhinn anns an leabhar a sgriobh e uime.

      Rugadh Coinneach Mac Coinnich, no Coinneach Odhar, ann am Baile-na-Cille, an Sgireachd Uig, an Eilean Leodhais, mu thoiseach na seachdamh linn diag, mu 'n àm anns an robh Seumas-a-sia bho Albainn, no Seumas-a-h-aon air Sassun, 'na righ air Breatuinn, agus air Eirinn us Manainn. Cha 'n 'eil a bheag sam bith air chuimhne mu laithean 'òige, ach a mhàin nuair a bha e anns na deugan, mu 'n robh e fichead bliadhna dh' aois, gu 'n d' fhuair e Clach na Fiosachd, leis am b'urrainn da innseadh ciod a thachradh san àm ri tighinn. Fhuair e a' chlach air an dòigh so, mar their cuid: – Bha a' mhàthair feasgar àraid, a reir a' bheulraite, a' buachailleachd a' chruidh air an àiridh, air leacuinn aonaich ris an abairteadh Cnoc-Eothail, os cionn cladh Baile-na-Cille, an Uig. Mu mharbh mheadon oidhche chunnaic i a h-uile uaigh sa' chladh a' fosgladh, agus dòmhlas mor sluaigh ag eiridh as na h-uaighibh, beag us mor, sean us og, bho 'n naoidhean gus an sean-athair liath, agus a' falbh gach rathad as a' chladh. An ceann uarach de thim thill iad air an ais, agus chaidh iad a staigh do na h-uaighibh a rithist, agus dhùin gach uaidh mar a bha i roimhe. Thainig màthair Choinnich am fagus do 'n chladh, agus thug i fainear aon uaigh a bha fosgailte fhathast. A chionn gu 'm bu bhoirionnach dalma, smioral i, chuir i roimpe gum biodh fios aice c'arson a bha an uaigh so fosgailte nuair a dhùineadh càch. Ruith i agus chuir i a' Chuigeal tarsuinn air beul na h-uaghaich (oir chual i nach b' urrainn do 'n spiorad dol air ais a steach do 'n uaigh, cho fhad 's a bhiodh a' chuigeal tarsuinn oirre). An ceann beagan ùine thainig rìbhinn àluinn, a' snamh troimh 'n iarmailt bho thuath, a dh' ionnsuidh a' chlaidh. Air teachd dhi thubhairt i ris a' mhnaoi, "Tog do chuigeal bharr m' uaigh, agus leig dhomh dol air m' ais gu m' àros." "Ni mi sin," Arsa an te eile, "ma dh' innseas tu dhomh ciod e a chum thu air dheireadh air càch." Fhreagair an taibhse, "Innsidh mi sin duit gun dàil. Bha mo thuras na b' fhaide na turais chàich; oir bha agam ri dhol do Lochluinn-a-Tuath (Norway). Is mise nighean Righ Lochluinn; bhàthadh mi nuair a bha mi 'gam fhairigeadh san tir sin; thainig mo chorp gu tir air a' chladach so sios fodhainn, agus thiodhlaiceadh mi anns an uaigh so. Mar chuimhneachan ormsa, agus mar dhuais dhuit fhèin airson do threun-mhisnich, bheir mi dhuit falachan sonruichte luachmhor, – falbh agus sir, us gheibh thu anns an loch ud thall clach bheag, chruinn, ghorm; thoir i sin do d' mhac, Coinneach, agus leatha innsidh esan nithean a thacras an deidh an àm so." Rinn i mar a dh' iarraidh oirre, fhuair i a' chlach, agus thug i seachad i do Choinneach a mac. Cha bu luaithe fhuair e a' chlach na thainig feart na fiosachd uige, agus sgaoileadh a chliù mar fhiosaiche air feadh na dùthcha. Bhiodh uaislean us islean a' taghal air agus a' tighinn thuige air son fiosachd.

      Ach tha iomad beulraite eile mu 'n dòigh anns an d' fhuair Coinneach a' chlach. Tha aon ag radh, gun robh e 'na sheirbhiseach aig tuathanach, agus gun robh diumb aig bean an tuathanaich ris air son a bhriathran beurra, sgeigeil. Air latha sònruichte bha e a' gearradh mòine leis an torraisgein fada bho 'n tigh, agus b' eigin an dinneir a chur thuige; chur bean an tuathanaich puinnsean anns an dinneir gu cur as da. Ach mu 'n d' thainig an dinneir shuidh e leigeil analach agus thuit e 'na chadal. Dhùisgeadh e le cabhaig; oir dh' fhairich e rud fuar air a bhroilleach. Chuir e làmh air, agus fhuair e clach bheag, gheal, agus toll 'na teis-meadhain. Sheall e troimh 'n toll agus chunnaic e sealladh air ais-innleachd na bana-mhaighstir. Thug e an dinneir do 'n chù, agus fhuair an cù am bàs gu dòruinneach.

      Tha beulraite eile ag radh gun robh e a' gearradh mòine, agus gun do shuidh e gu anail a leigeil a' feitheamh gus an tigeadh a bhean fèin d'a ionnsuidh leis an dinneir. Thuit e 'na chadal, agus nuair a dhùisg e dh' fhairich e rud cruaidh f'a cheann; fhuair e an sin clach bheag, chruinn, agus toll troimh a meadhon. Thog e i agus sheall e troimh an toll; chunnaic e a' bhean aige fhèin a' tighinn d'a ionnsuidh le dinneir cabhruich agus bainne, air a puinnseanachadh, gun fhios di-se, le a bana-mhaighstir. Ach ged a fhuair Coinneach feart na fiosachd leis a' chloich, chaill e sealladh na sùla leis an d' amhairc e troimh an toll, agus bha e riamh tuilleadh cam, no aon-suileach, an deigh sin.

      Tha Aoidh no Uisdean Muillear ag radh anns an leabhar aige, "Scenes and Legends," gun d' thainig a bhana-mhaighstir d'a ionnsuidh le dinneir phuinnseanaichte; fhuair i e 'na chadal air mullach sithein, agus an aite dhùsgadh, chaill i a misneach; dh' fhàg i am meadar, no a' mhias, ri a thaobh, agus thill i dhachaidh. Dhùisg esan; ach mu 'n do ghabh e an dinneir dh' fhairich e rud cruaidh 'na bhroilleach: chuir e làmh air agus thug e mach clachag chruinn, boidheach, leis an d' fhuair e fios mu 'n droch cleas a rinn a bhana-mhaighstir air.

      A reir gach ràite tha e coltach gun robh a' chlach ann, agus gun robh Coinneach 'ga cleachdadh gu bhi toirt a chreidsinn air an t-sluagh fiosachd a bhi aige. Cha'n 'eil sinne a' creidsinn gun robh feart fiosachd air bith anns a' chloich, ged a dh' fhaodadh i bhi 'na cloich mhìn, bhòidhich, ghorm-gheil, agus toll innte cuideachd, coltach ri clachan bòidheach a chunnaic sinn air cladach I-Challum-Chille, agus Eilean Mhuile.

      Конец ознакомительного фрагмента.

      Текст предоставлен ООО «ЛитРес».

      Прочитайте эту книгу целиком, купив полную легальную версию на ЛитРес.

      Безопасно оплатить книгу можно банковской картой Visa, MasterCard, Maestro, со счета мобильного телефона, с платежного терминала, в салоне МТС или Связной, через PayPal, WebMoney, Яндекс.Деньги, QIWI Кошелек, бонусными картами или другим удобным Вам способом.

/9j/4AAQSkZJRgABAQEASABIAAD/2wBDAAMCAgMCAgMDAwMEAwMEBQgFBQQEBQoHBwYIDAoMDAsKCwsNDhIQDQ4RDgsLEBYQERMUFRUVDA8XGBYUGBIUFRT/2wBDAQMEBAUEBQkFBQkUDQsNFBQUFBQUFBQUFBQUFBQUFBQUFBQUFBQUFBQUFBQUFBQUFBQUFBQUFBQUFBQUFBQUFBT/wAARCAMeAjoDAREAAhEBAxEB/8QAHQABAQEBAAIDAQAAAAAAAAAAAQACBgUJBAcIA//EAG0QAAECAwUGAgQGCQoPDQcEAwEAEQIhMQMEBUFRBgcSYXGBkaET

Скачать книгу