Gearr-sgeoil air Sir Seoras Uilleam Ros. Fraser Alexander

Gearr-sgeoil air Sir Seoras Uilleam Ros - Fraser Alexander


Скачать книгу
sneachda 'dlùthadh ri cùl nan geug,

      'S gu domhain dùmhail dol thar na glùine,

      'S ge maith an triùbhsair cha dean i feum,

      Gun stocain dhùbailt' 's a' mhocais chlùdaich

      'Bhith's air a dùnadh gu dlùth le éill;

      B'e 'm fasan ùr dhuinn a cosg le fionntach

      Mar chaidh a rùsgadh de'n bhrùid an dé.

      Mar bi mi eòlach airson mo chómhdaich

      Gu'm faigh mi reòta mo shròn 's mo bheul;

      Le gaoth a tuath a bhith's neamhail fuaraidh

      Gu'm bi mo chluasan an cunnart geur.

      Tha'n reothadh fuath'sach, cha seas an taugh ris,

      Gu'm mill e chruaidh ged a bha i geur;

      Mur toir mi blàths d'i, gu'm brist an stailinn,

      'S gun dol do'n cheardaich cha ghearr i beum.

      'N uair thig an samhradh 's a miosa céitean

      Bidh teas na gréine 'g am fhagail fann;

      Gu'n cuir i spéirid 's a h-uile creutair

      A bhith's fo éislean air feadh nan toll:

      Na mathain bhéisteil gu'n dean iad eirigh

      'Dhol feadh an treud 's gur-a mór an call;

      'S a chuileag inneach gu socach puinsionta

      'G am lot gu lionmhor le roinn a lainn.

      Gu'n dean i m' aodann gu h-olc a chaobadh

      Cha'n fhaic mi 'n saoghal 's ann 'bhith's mi dall,

      Gu'n at mo shuilean le neart a cungaidh

      Ro-ghuineach drùidhteach tha sùgh a teang.'

      Cha'n fhaigh mi aireamh dhuibh ann an dànachd,

      Gach beathach gràineil a thogas ceann,

      'S cho liugha plaigh ann a 's a bh'air righ Pharaoh

      Airson nan tràillean 'n uair bhàth e'n camp.

***

      Ma bha 'choille fiadhaich, fuachd a gheamhraidh is teas an t-samhraidh, dian-chruaidh, na cuileagan, nimheil, na fiadh-bheathaichean, lionmhor, na ròidean, garbh, 's am fearann 'n a dhithreabh doirbh "As nach tugadh an Fhéinn iad féin aran," bha cridheachan nan daoine teoma, laidir, 's cha robh gealtair 'n am measg. Mar bu chruaidhe an gnothuch b'ann bu chalma am misneach, 's cha b' fhada gus an d'thug iad buaidh.

      Thainig Seumas Ros, agus na bha leis, 's a' bhliadhna 1832. Bhuineadh am fearann a thog iad do'n Chuideachd Chanadach agus b' i phrìs da dholair an acair. Bha 'n talamh gu leir air a chomhdach le coille mhoir, dhùmhail dhrislich. Bha craobhan de iomadh seorsa ann, – bha 'n giuthas pailt, darach, beith, uinnseann, seudar, walnut, maple, agus móran eile freagarrach airson thaighean agus oibre ghnathaichte na saorsainneachd. Dh' fhosgail a' Chuideachd Chanadach aon rathad troimh 'n sgìre; b'e sin uile na rinn iad. Bha muilean-sabhaidh aig fear-ionad na Cuideachd, d'am b' ainm Domhnull Mac-an-Toisich, faisg air laimh, ach cha robh goireas eile 's a choimhearsnachd. B' e cheud ni a bha ri dheanamh taighean a thogail airson fasgaidh nan teaghlaichean, – mar theirte riutha Shantaidhean de logaichean – bothain de fhiodh garbh air a mheadhadh leis an tuaigh.

      Ged bu taighean beaga, fiodha bh'annta cha bu taighean suarach iad; bha iad air an deagh thogail, goireasach agus dionach ri gaillionn a' gheamhraidh. Dh' fheumadh neach a bhith làmh-ghleusta, eòlach air gnàths na tuaighe, an uird, an tàil, 's an tora; agus, mar an ceudna ceann seadhail a bhi air a mhuineal mu 'n rachadh aige air taigh logaichean a thogail gu ceart.

      Gu'n do dh' aithnich mi o'n uair sin

      Gu'm bu chruadalach a chuis dhomh

      Teannadh ri reiteach na coille

      'S gun mi goireasach g'a ionnsaidh.

      'M fear nach dean obair le tuaigh

      Is nach urrainn an uaisle 'ghiùlan

      B' fheàrr dha fuireach ann an Albainn;

      'S gun an fhairge gharbh a stiùireadh.

– Mac-Gillean.
III

      CHA robh aoidheachd bhlàth a' feitheamh air na Rosaich an uair a rainig iad an dachaidhean ùr ann an Ontario, oir cha robh neach sam bith aig ceann an uidhe a thoirt aoidheachd dhaibh. Bha 'n tìr falamh, fàs, ann an staid naduir, gun chraobh air a leagadh, gun taigh air a thogail: bha'n talamh, gun teagamh, reamhar, trom, ach bha i air a tur-chomhdach le coille gharbh a dh'fheumta chur deth bonn. B'e cleachdadh nan Gaidheal ann an Canada, gach coibhneas a' nochdadh d'an luchd-duthcha a bhitheadh a tighinn d'an ionnsuidh. Bha iad lamh-fhosgailte, fialaidh d'an co-chreutairean, gu h-àraidh d'am muinntir fein. Mar bu tric bhitheadh fios aca mios no dha roimh laimh gu'n robh seana choimhearsnaich a' tighinn, agus dheantadh ullachadh air an son. Aig an am cheart rachadh neach eòlach g'an coinneachadh air an t-slighe, chum an treòrachadh gu baile, far am bitheadh cairtealan deas air an son am measg nan càirdean. Gheibheadh iad fàilteachadh cridheil, coibhneil, agus an deidh la no dha 'dhol seachad a'leagail dhiubh sgios an turuis, rachadh fearann freagarrach a thogail air an son. Air dha so bhi deanta thòisicheadh an obair gun dàil; agus b'i sin an obair!

      B'e cheud ni àite a thaghadh airson taigh-comhnuidh agus treabhair, faisg air am bitheadh uisge math airson duine is ainmhidh. Bu tric so air bruaich sruthain far an cluinnte torman caoin an uisge, no air bràigh tomain seasgair, a ghlacadh araon deò ùrail an t-samhraidh agus gaoth ghrianach an fhogharaidh. Ach air iomadh baile-fearainn cha robh idir sruth no tom, loch no bealach; bha mhórchuid 'na mhachair chomhnaird fad mhìltean air gach taobh. Air tìr de'n t-seòrsa so dh' fheumta tobar a chladhach fada fodha 's an talamh, agus ri thaobh rachadh na taighean a chur suas. Air do'n bhaile agus làrach nan taighean a bhith air an taghadh, chruinnicheadh na coimhearsnaich gus an togail. Bhitheadh obair ann daibh uile. Bhitheadh na craobhan ri ghearradh sios chum làraich a dheanamh do'n taigh, oir b' ann 's a' choille a bha 'n gniomh ri dheanamh. Dh' fheumadh an làrach a bhith cho farsuing 's nach tuiteadh craobh 's am bith a leagadh stoirm air an taigh. Rachadh, a'n sin, làrach an taighe a thomhas, agus a reiteachadh, agus ùrlar comhnard, reidh a dheanamh airson nan seòmar. Mur bu tric bhitheadh na taighean de'n aon mheud is dealbh; far am bitheadh teaghlach mór, bhitheadh seòmar no dha a bharrachd air an cuir ris an taigh, ach am bitheantas 's i bhitheadh ann fardach de tri no ceithir a sheòmraichean, mu dheich throidhean fichead air a fad, agus mu fhichead troidh air a leud. Anns a' chuid bu mhotha dhiubh bhitheadh lobhta air am bitheadh àite-laidhe òganaich an teaghlaich, agus, ri cliathaich an taighe bu dual do sheòmar cùil no dha a bhi ann airson nan nighean. Fo'n ùrlar bhitheadh seilear air a cladhach, anns am bitheadh measan, luibhean-gàraidh, biadh is annlann air an dion bho theas 's bho fhuachd na h-aimsir. B'ann car mar sin bha cumadh nan taighean-comhnuidh a bha nis gu bhith air an togail. Bha 'n sgil bu mhotha feumail airson oisinnean an taighe agus bhitheadh ceathrar dhaoine tapaidh a' frithealadh do'n ghnothuch sin. Bhitheadh na craobhan bu fhreagarraiche air an gearradh sios 's air an slaodadh le daimh gus an làrach. Bhitheadh iad a'n sin air an leagail sios 's an àite cheart, a' cheud shreath air bunchar cloich, agus chuireadh na h-oisinnich a'n eagan a cheile iad, g'am fiaclachadh gu gramail, eagnaidh, mar bu chòir. Ged nach robh inneal saorsainneachd aig na daoine ach an tuagh, bhiodh oisinnean agus ursainnean an doruis is nan uinneag air an gearradh cho glan, 's air an suidheachadh cho coimhlionta 's ged bu chlachan snaighte de'm bitheadh iad air an deanamh. Mar a rachadh na ballachan suas bhitheadh sogan air na daoine, oir bu taitneach an ni a bhith faicinn na h-aitreibh ag éiridh gu h-eireachdail fo'n laimh. Sreath air sreath, craobh air a sìneadh air craoibh, rachadh na ballachan suas gu àirde ochd no naoidh troidh, agus, a' n sin, thoisichte air am mullach a thoirt a steach. Cha b' ionnan mullaich nan taighean so agus mullaich nan seann taighean beaga Gaidhealach. A'n so cha robh maidean-ceangail móra, maide-droma, sparran-tarsuing, sailthean taobhanach, cabair, ceannabhaidhean, no maide-feannaig. Agus cha robh am mullach, biorach, àrd, no cas, mar 's an t-seann dùthaich, ach, an cumantas, car plod, iosal; gun ach beagan claonadh bho'n druim-àrd gu bràigh a' bhalla. Bhitheadh am mullach air a thoirt a steach, le bhith cur craoibh air na tulchainnean, 's air na


Скачать книгу